promo_banner

Реклама

Читайте только на ЛитРес

Книгу нельзя скачать файлом, но можно читать в нашем приложении или онлайн на сайте.

Читать книгу: «Coinneach Odhar, Am Fiosaiche», страница 4

Шрифт:

Tha beulraite eile a' tabhairt cunntais eadar-dhealaichte mu aobhar feirge na Ban-Iarla ri Coinneach Odhar. Aig àm àraid, a reir an iomraidh, bha cuirm mhòr agus cruinneachadh lionmhor a dh' uaislean ann an caisteal Bhrathainn. Bha òigridh nan àrd uaislean 'gan cluich fhéin air a' bhlàr a muigh, air an àilean ghorm, timchioll a'chaisteil Thubhairt cuideigin ann an èisdeachd Choinnich, gum b' ainneamh a chiteadh tional cho lionmhor de chlainn dhaoine uaisle. Fhreagair Coinneach gu sgallaiseach, "Is mo a th' ann de chlainn ghillean-bùird, agus de chlainn ghillean-stàpuill, na th' ann de chlainn dhaoin' uaisle." Tha beulraite eile ag radh, gur h-ann a bha an òigridh a' dannsadh ann an lùchairt mhoir a' chaisteil an àite bhi 'gan cluich air an àilean, nuair a labhair Coinneach gu fanaideach umpa. Dh'aithriseadh briathran Choinnnich do 'n Bhan-Iarla, agus ghabh i fhéin 's na baintighearnan eile fearg ris, air son a bhi cur an amharus deagh-bheusan agus teistealachd mhnathan uaisle Rois, agus a' toirt mi-chliù follaiseach orra mar sud. Dh' òrduich i am fiosaiche a ghlacadh gun dàil; agus ged a theich e gu fhalach féin car tamuill, fhuaradh a mach mu dheireadh far an robh e. Nuair a chunnaic e nach robh dol as aige bho a naimhdidh, chuir e clach na fiosachd ri shùil agus thubhairt e, "Chi mi fada romham, agus is leur dhomh am breitheanas a thig air sliochd mo luchd-sàrachaidh. Bidh seann teaghlach Iarla Shi-phort air an ditheachadh gu tur, mun teid moran linnean seachad. Chi mi ceann-feadhna, am fear mu dheireadh d'a theaghlach, araon bodhar agus balbh. Bidh ceathrar mhac àluinn aige, ach theid iad uile roimhe fhèin do'n uaigh. Caithidh e a bheatha gu h-iomaguineach, agus gheibh e am bàs gu brònach, a' caoidh gum bi sliochd a shinnsear air an dubhadh a mach gu bràth, agus nach bi Mac Coinnich tuilleadh ri fhaotainn 'na Thighearna air Caisteal Bhrathainn, no air Ceann-Tàile. An deigh dha bròn a dheanamh air son an fhir mu dheireadh d'a chuid mac, am fear bu taitniche dhiubh, siubhlaidh e fhéin, a' dol do 'n eug, agus bidh an oighreachd aige air a' sealbhachadh le caileag air am bi currachd bàn, a thig bho 'n àirde 'n ear, d' am bi e 'n dàn a piuthar a mharbhadh. Mar chomharra gun tachair so, bidh ceathrar thighearnan air am bi suaicheantas 'nan comh-aoisean do Iarla Shi-phort mu dheireadh, a bhios bodhar, agus balbh; se sin Tighearna Storach (Stor fhiaclach) Ghearrloch, an Siosalach le milleadh-maighich, an Granndach Gorach, agus Mac-Gille-Chalum Gagach no manndach. Nuair a chi Mac Coinnich Bhrathainn a cheathrar so, tuigear leis gum bheil am bàs an dàn d'a chuid mac; gun teid an oighreachd gu coigrich agus gun dubhar as a theaghlach gu siorruidh, gun fhirionnach d'a shliochd a thogas 'ainm."

Nuair a chriochnaich am fiosaiche an fhaisneachd so, thilg e clach na fiosachd ann an lochan uisge, no mar a their cuid, ann an lorg coise mairt a bha làn uisge, agus thubhairt e, "Co sam bith a gheibh a' chlach sin, bidh feart na fiosachd aige mar an ciadna." Thubhairt e a bharr air sin, mar tha cuid ag radh, "Beirear leanabh le da imleig, no le ceithir meòir fhichead a reir cuid, gheibh e a' chlach so ann am broinn geadais, agus leis a' chloich thig buaidh na fiosachd thuige." Nuair a thugadh a mach Coinneach gus a losgadh, thuit a' Bhan Iarla ris nach rachadh e do Fhlaitheanas gu siorruidh. Thionndaidh e mun cuairt agus thubhairt e rithe, "Theid mise do Fhlaitheanas; ach cha teid thusa ann gu siorruidh. So dhuit comharradh leis am faigh thu fios ciod e mo chor san t-saoghal ri teachd. Thig caluman agus fitheach an coinneamh a cheile bho dha thaobh an athair, gus an seas iad os ceann agus an laidh iad air luaithre mo chuirp. Ma thig am fitheach an toiseach labhair thusa an fhirinn, ach ma thig an caluman an toiseach labhair thu breugan, agus tha mo dhochas air deagh bhunait."

Dh' òrduich a' Bhan-Iarla Coinneach a ghlacadh, 's a cheangal, eadar lamhan 'us chasan, agus a ghiulan gu Rugha na Cananaich, far an do thilgeadh e an coinneamh a chinn ann am baraille tearra bha dearg-losgadh, agus air an robh a thaobh a stigh lan spicean fada iaruinn, biorach, geur, a bhuaileadh troimhe bho 'n taobh muigh. Rinneadh an ni eagallach so le ùghdarras Easbuig Rois, agus cléir na h-Eaglais Easbuigich, a bha air a suidheachadh aig an àm ud, mar Eaglais na Rioghachd an Albainn, le Righ Tearlach a Dha. Air an dearbh latha air an do chuireadh Coinneach air falbh bho Chaisteal Bhrathainn thainig Iarla Shi-phort dhachaidh as an Fhraing, agus dh' innis iad da air ball an ni a rinn a' Bhan-Mhorair mu Choinneach, agus gun robh e nis air a thurus a dh' ionnsuidh na Cananaich le òrdugh na Cléire, gu bhi air a losgadh. Bha deagh fhios aig a' Mhorair air nàdur dioghaltach, ain-iochdmhor na Ban-Iarla. Chreid e gun robh an sgeula fior, seadh tuilleadh us fior. Cha d' iarr 's cha do ghabh e biadh no deoch; cha do ghairm e air sgalaig no gille stapuill, ach chaidh e fhein le cabhaig a dh' ionnsuidh an stapuill, chuir e diollaid air an each a b' fhearr a bha 'na ghreigh, leum e air a mhuin, agus dh' fhalbh e leis an each 'na dheann-ruith, 'g a ghreasad cho luath 's a b' urrainn da, an dùil gun ruigeadh e Rugha na Cananaich mun rachadh an t-innleachd diabhlaidh a dheilbh a Bhan-Iarla agus a' chléir Easbuigeach a chur gu buil; cha do mharcaich Iarla Shi-phort riamh roimhe cho luath no cho dian. Ann am beagan ùine bha e am fagus do 'n Chananaich, agus chunnaic e smùid dhubh thiugh ag éirigh suas bho 'n Rugha gu h-iosal. Thainig gairisinn na fheòil, bhrùchd am fallus fuar a mach troimh a chorp, chuir e spuir ris an each a bha cheana an impis toirt thairis, a chum gun ruigeadh e an t-àite bàis, gu beatha an fhiosaiche a shàbhaladh. Mar uighe beagan shlat bho 'n àite far an robh an smùid ag éirigh, thuit an t-each air an làr agus thug e suas a deò, oir cha b' urrainn da a' chruaidh-spàirn a sheasamh na b'fhaide leis mar a bha an t-Iarla 'ga chur thuige 's ga sporadh air adhart. Nuair a chaill e an t-each, ruith an t-Iarla gu dian air a' chois, ag eigheach a mach le àirde a ghuth, ris an t-sluagh a bha cruinn air an Rugha, iad a thearnadh beatha an fhiosaiche. Ach mo thruaighe! bha e tuilleadh us anmoch. Cia dhiu a chuala no nach cuala an sluagh glaodhaich àrd an Iarla, bha Coinneach Odhar air a thilgeadh anns a' bharaille loisgeach beagan mhoinaidean mun do rainig Iarla Shi-phort an t-àite gus a theasairginn.

Возрастное ограничение:
12+
Дата выхода на Литрес:
30 июня 2017
Объем:
19 стр. 1 иллюстрация
Правообладатель:
Public Domain