promo_banner

Реклама

Читайте только на ЛитРес

Книгу нельзя скачать файлом, но можно читать в нашем приложении или онлайн на сайте.

Читать книгу: «Coinneach Odhar, Am Fiosaiche», страница 2

Шрифт:

Tha beulraite eile ag radh gun robh e a' gearradh mòine, agus gun do shuidh e gu anail a leigeil a' feitheamh gus an tigeadh a bhean fèin d'a ionnsuidh leis an dinneir. Thuit e 'na chadal, agus nuair a dhùisg e dh' fhairich e rud cruaidh f'a cheann; fhuair e an sin clach bheag, chruinn, agus toll troimh a meadhon. Thog e i agus sheall e troimh an toll; chunnaic e a' bhean aige fhèin a' tighinn d'a ionnsuidh le dinneir cabhruich agus bainne, air a puinnseanachadh, gun fhios di-se, le a bana-mhaighstir. Ach ged a fhuair Coinneach feart na fiosachd leis a' chloich, chaill e sealladh na sùla leis an d' amhairc e troimh an toll, agus bha e riamh tuilleadh cam, no aon-suileach, an deigh sin.

Tha Aoidh no Uisdean Muillear ag radh anns an leabhar aige, "Scenes and Legends," gun d' thainig a bhana-mhaighstir d'a ionnsuidh le dinneir phuinnseanaichte; fhuair i e 'na chadal air mullach sithein, agus an aite dhùsgadh, chaill i a misneach; dh' fhàg i am meadar, no a' mhias, ri a thaobh, agus thill i dhachaidh. Dhùisg esan; ach mu 'n do ghabh e an dinneir dh' fhairich e rud cruaidh 'na bhroilleach: chuir e làmh air agus thug e mach clachag chruinn, boidheach, leis an d' fhuair e fios mu 'n droch cleas a rinn a bhana-mhaighstir air.

A reir gach ràite tha e coltach gun robh a' chlach ann, agus gun robh Coinneach 'ga cleachdadh gu bhi toirt a chreidsinn air an t-sluagh fiosachd a bhi aige. Cha'n 'eil sinne a' creidsinn gun robh feart fiosachd air bith anns a' chloich, ged a dh' fhaodadh i bhi 'na cloich mhìn, bhòidhich, ghorm-gheil, agus toll innte cuideachd, coltach ri clachan bòidheach a chunnaic sinn air cladach I-Challum-Chille, agus Eilean Mhuile.

Nuair a fhuair Coinneach clach na fiosachd, sgaoileadh a chliù feadh na tire mar fhiosaiche, agus bhiodh feadhainn a' tighinn thuige as gach àite air son fios fhaotainn mu thimchioll na teachd-ùine. Mu thimchioll ciad gu leth bliadhna mu 'n do rinneadh an t-slighe-uisge, no an caolas-cladhaichte, eadar Inbhear-Nis agus Inbhear-Lòchaidh, (an Caledonian Canal,) thuirt Coinneach, "Ged is ioghnadh leibhse an diugh e, thig an latha, 's cha 'n 'eil e fad as, anns am faicear làraichean Sasunnach ('s e sin longan) air an tarruing le srianan còrcaich seachad air cul Tom-na-h-Iuraich." Thuirt e mar an ciadna, "Thig an latha anns am bi rathad mor troimh bheanntan Rois, o mhuir gu muir agus drochaid air gach allt," no "Ribean air gach cnoc agus drochaid air gach alltan." Mar an ciadna, "Thig an latha anns an lion na caoraich mhora an tir, gus am buail iad a' mhuir gu tuath." "Bidh muileann air gach abhuinn, agus taigh geal air gach cnocan." "Bidh criosan guaille tarsuinn air gach sliabh." "Thig bo mhaol odhar a stigh an t-Aite mor, agus leigidh i geum aiste a chuireas na sia beannagan dhe an Taigh-Dhige." Saoilear gur bàta-smùid a tha e ciallachadh. So fiosachd eile, "Thig an latha anns an cur peirceall nan caorach mora an crann air an fharadh. Nuair bhios na caoirich mhor cho lionmhor us gun cluinnear mèilich an dara té dhiubh leis an té eile, bho Chonachra, ann an Loch-Aillse, gu Bun-da-Loch, an Ceann-Taile, bidh iad aig an àirde 'nam pris, agus an deigh sin theid iad air an ais gus am falbh iad uile as an t-sealladh, agus theid iad air diochuimhne cho mor as nach aithnichear peirceall caorach a gheibhear air carn, no ciod am beathach d' am buineadh e. Falbhaidh na seann Tighearnan as an tir, agus thig ceannaichean Gallda 'nan àite, agus bidh a' hàidhealtachd uile gu léir 'na h-aon fhrith mhor fhiadh. Bhidh an dùthaich cho gann de shluagh, agus cho fàs, as nach cluinnear gairm coilich gu tuath air Druim Uachdair. Theid an sluagh air imrich gu eileanaibh cian, nach fhaicear an diugh, ach a gheibhear a mach anns a' Chuan Mhor. An deigh sin sgriosar agus bathar na féidh, agus na fiadh bheistean eile leis na siantan dubha. Thig an sluagh an sin air an ais agus gabhaid iad seilbh air fearann an sinnsearach." Fiosachd eile, "Theid na Gàidheil gu America, ach thig iad air an ais fhathast gus an tir fhéin." Mu thimchioll Mhic Leòid Rathasaidh so fiosachd, "Nuair a thig Mac Dhomhnuill Duibh ban, Mac Shimidh ceann-dearg, Siosalach claon ruadh, Mac Coinnich mor bodhar, agus Mac Gille-Challum cam-chasach, iad ogha Iain bhig a Ruigeath, se sin am Mac Gille-Challum a's miosa thainig na thig; cha bhi mi ann ri a linn, 's cha 'n fhear leam air a bhith." Thachair an ni so; oir b'e am Mac Gille-Challum so, iar-ogha Iain bhig a Ruigeath, agus bha e cho strudheasach us gun do chaith e oighreachd a shinnsirean; agus bha na Tigh-earnan eile chaidh ainmeachadh, 'nan comhaoisean do Mhac Gille-Challum so, leis na comharan orra a dh' innis am fiosaiche.

So fiosachd eile, "Nuair a thraoghas abhainn na Manachinn tri uairean, agus a ghlacar Bradan Sligeach air grunnd na h-aibhne, is ann an sin a bhitheas an diachainn ghoirt." Thiormaich abhainn na Manachainn cheana da uair, – an uair mu dheireadh air a' bhliadhna 1826, nuair a bha tiormachd mhor ann; chaidh a' choile 'na teine ann am Miramichi, agus loisgeadh moran thaighean ann mar an ciadna; agus bho cheann sia bliadhna diag ghlacadh 'Bradan Sligeach,' no Stirean no Stiorrach (Sturgeon) ann an grunnd na h-aibhne. "Fàsaidh an sluagh cho tais us gun teich iad as an dùthaich roimh armailt chaorach." Chuireadh an tir fo chaoirich, agus dh' fhalbh an sluagh.

Rinn Coinneach fiosachd chomharraichte mu thimchioll Clann Choinnich an Uillt-Bhoidhich (Fairburn), agus Caisteal no Tur an Uillt-Bhoidhich (Fairburn Tower). "Thig an latha anns an caill Clann Choinnich an Uillt-Bhoidhich am fearann uile, agus theid am meur sin de 'n fhine as an t-sealladh gus nach fàgar duine dhiubh air aghaidh na talmhainn. Bidh an caisteal fàs, air a threigsinn, gun duine 'ga aiteachadh no gabhail comhnuidh ann; agus beiridh bo laogh ann an seomar uachdrach an Tùir." Thachair na nithean so uile do reir na fiosachd. Chaill an teaghlach sin de Chloinn Choinnich an seilbhean gu h-iomlan; agus rug a bhò an laogh mar a dh' innseadh, san t-seomar uachdrach. Bho cheann beagan bhliadhnachan chaidh an Tùr fhagail na fhàsaich; ghrod na dorsan agus thuit iad dheth, fear an deigh fir, gus mu dheireadh nach robh dorus idir air an staidhir mhoir shniomhain a bha ruigsinn bho 'n bhonn gu mhullach. Bha 'n staidhir so de chlioch agus mar sin seasmhach, maireannach. Bho cheann beagan ùine thaisg an tuathanach aig an robh a' gabhail fodar ann an seòmar uachdrach an Tùir. Thuit pàirt de 'n fhodar air an staidhir mar a bha iad 'ga ghiùlan an àird. Thainig te de 'n chrodh air latha àraid a dh' ionnsuidh dorus an Tùir, agus air do 'n dorus a bhi fosgailte, chaidh i staigh agus thòisich i air trusadh agus itheadh nan sraibhlean a bha sgapte thall 's a bhos air an staidhir. Lean i mar so a' dol air a h-adhart bho cheum gu ceum de 'n staidhir gus an d' rainig i am mullach, – chaidh i staigh do 'n t-seòmar ag itheadh nan sraibhlean roimpe, agus air dhi bhi trom le laogh cha b' urrainn i tearnadh air a h-ais; uime sin dh' fhàg iad i anns an t-seòmar gus an do rub i an laogh, a bha 'na chreutar fallain, bòidheach. Dh'fhàg iad a' bho agus an laogh car ùine shònruichte anns an t-seòmar agus chaidh iomadh neach a mach á Inbhirnis gus am faicinn. Mar so bha faisneachd Choinnich air a coilionadh gus an dearbh litir.

Возрастное ограничение:
12+
Дата выхода на Литрес:
30 июня 2017
Объем:
19 стр. 1 иллюстрация
Правообладатель:
Public Domain